Group of St Kildan men hunting sea-birds

Mu Hiort

Hiort, An Dùn, Sòdhaigh agus Boraraigh

Tha an t-eilean-mara bholcànach seo, le sheallaidhean-tìre òirdheirc, a-mach bho oirthir nan Eilean Siar agus air a dhèanamh suas de eileanan Hiort, Dùn, Sòdhaigh agus Boraraigh. Tha cuid de na creagan as àirde san Roinn Eòrpa rim faighinn ann, le tuineachaidhean mòra de ghnèithean eun a tha air fàs gann agus ann an cunnart, gu h-àraidh buthaidean agus sùlairean. ’S ann air eilean-mara Hiort a tha na creagan as àirde san Rìoghachd Aonaichte.

Tha daoine air a bhith a' fuireach ann an Hiort bho linntean ro-eachdraidheil, a' dèanamh feum de stòrasan beairteach na mara, a' cur pòran agus a' cumail sprèidh. Tha coltas bho innealan cloiche sìmplidh a fhuaireadh air na h-eileanan gur dòcha gu robh luchd-siubhail a' tadhal air Hiort an Linn na h-Umha, ’s dòcha bho na h-Eileanan Siar, mu 4,000 gu 5,000 bliadhna air ais. Sna linntean mu dheireadh bha na h-eileanan air mhàil bhon uachdaran, Clann MhicLeòid Dhùn Bheagain san Eilean Sgitheanach. Bha àireamh-sluaigh de 180 sna h-eileanan ann an 1697, ’s iad uile a' fuireach sa bhaile ann am Bàgh a' Bhaile. Roghnaich na teaghlaichean mu dheireadh fhàgail ann an 1930 oir cha robh an dòigh-beatha air an eilean seasmhach.

English