Hiort - An Sealladh
Tachartas Ciùil Sònraichte
Tha a chultar shònraichte fhèin ann am pailteas aig an eilean aig deireadh an t-saoghail, mar a bha mòran san Roinn Eòrpa ga fhaicinn. Bhiodh “eunadairean” Hiort a' toirt seòrsa de theachd-an-tìr air èiginn às an eilean-mara iomallach seo, b' e beatha chruaidh agus aognaidh a bha aca. A' cleachdadh teicneòlas ùr chaidh na tachartasan ciùil shònraichte seo fhaicinn san Roinn Eòrpa gu lèir .
Bha Hiort aig cridhe iomairt ùr-ghnàthach chaidh a chuir gu chèile ann an aon obair agus mun aon sgeulachd luchd-ealain, cluicheadairean agus luchd-amhairc bho 5 dùthchannan Eòrpach. Bha seo comasach tro theichneòlasan airson co-roinn fiosrachaidh. Tha cur ri chèile agus dèanamh a' phròiseict seo a' gabhail a-staigh chan e a-mhàin co-obrachadh agus co-aonadh ann an cultar ealain nan sia dùthchannan a tha an sàs ann (Alba, an Fhraing, a' Bheilg, An Ostair, a' Ghearmailt agus Slobhagia) ach cuideachd gluasad luchd-ealain, teicnichean agus luchd-deilbh teicneòlasach. Feumaidh am fiosrachadh agus an eòlas proifeiseanta fa leth a bhith air a cho-roinn.
A bharrachd air cruthachadh obair liriceach, bha sinn gu mòr an dòchas gun chruthaich sinn ro-shamhla de cho-obrachadh ealanta eadar-Eòrpach, lìonradh Eòrpach de “ùidh ealain”, ann an cruth obair-lann ealain leis an amas a bhith a' cruthachadh agus ag adhartachadh sgrìobhadh-dràma ùr agus cleachdadh innealan teicneòlasach a' comharrachadh tro na h-ealain, cho cudromach ’s a tha cuimhneachadh Eòrpach coitcheann.
