Hiort - Amasan a' Phròiseict

A bhith ag innse eachdraidh “Poblachd Hiort” agus an sluagh agus an dòigh-beatha a bha air a chall gu sìorraidh san Lùnastal 1930 le falamhachadh “nan eilean aig deireadh an t-saoghail”.

Bidh am pròiseact seo, air eadar-theangachadh de thrì cànainean Eòrpach, comasach air comas bàrdachd na Gàidhlig a neartachadh agus cuideachadh a thoirt do bharrachd luchd-amhairc Eòrpach gu bhith a' tuigsinn cho beairteach ’s a tha e.

Cuideachadh a' toirt air ais gu cuimhne cultaran nan eilean gu Tuath.

A' toirt gu chèile bun-bheachd cruthachadh àrainneachdail agus co-aimsireach: a' dèanamh ceangal làidir agus samhlachail, thar àiteachan agus amannan, eadar comharran cultarach Ceilteach a tha glèidhte ann an Hiort sna ceàrnaidhean as fhaide a-muigh san Roinn Eòrpa agus an fheadhainn a bha air an lorg ann an Hallstatt san Ostair - creathal a' chultair Cheilteach a tha air a chomharrachadh mar Làrach Dualchas na Cruinne - a' crìochnachadh ann an cruth ùr eagraichte de “Ealan Tìre Liric agus Ciùil”.

Misneachd a thoirt gu bhith a' filleadh dualchasan nan còisir san Roinn Eòrpa ann an obair cho-aimsireach. Tha a' cho-sheirm air ball na prìomh chomharra air Eunadairean Hiort, air an Roinn Eòrpa agus eileamaid bhunaiteach de dhràma Liriceach.

Rannsachadh a bharrachd a dhèanamh air teicneòlas conaltraidh ùr eadar-dhèantanach agus air a' bhun-bheachd de ealan co-choitcheann: nithear a' chiad obair air an eilean fhèin agus an uair sin bidh e air a chraobh-sgaoileadh agus air a cheangal ri àiteachan eile an Alba agus air tìr-mòr na h-Eòrpa. Fàsaidh an obair gu lèir a-mach à craobh-sgaoileadh mar-aon pan-Eòrpach den cho-nasgadh seo de cheòl agus dràma, seòrsa de uile-làthaireachd bàrdachd agus ciùil. Cuidichidh ceanglaichean luath eadar-lìon agus saideal leis an obair seo.

Bheir pròiseact Hiort còmhla luchd-ealain agus luchd-deilbh bho co-dhiù sia dùthchannan agus bidh e a' misneachadh co-obrachadh ioma-chuspaireach sònraichte. A' com-pàirteachadh sa phròiseact seo bidh measgachadh de luchd-obrach neo-dhreuchdail agus proifeiseanta a' gabhail a-staigh sgrìobhaichean, luchd-sgrìobhaidh ciùil, ùghdaran, luchd-deilbh seata, stiùirichean, seinneadairean opera, cleasaichean, sgeulaichean, luchd-deilbh dannsa, luchd-ciùil, dannsairean, filmeadairean, luchd-camara agus fuaim agus còisirean chloinne. A thuilleadh air sin bidh luchd-deilbh airson ìomhaighean coimpiutair, guth agus còisir ag obair còmhla ri eòlaichean craolaidh. Thathar an dòchas gum bi an ùine fhada seo de cho-obrachadh eadar daoine cruthachail air pròiseact ealain na mhodail airson obair-lannan agus lìonraidhean co-obrachail ri teachd, agus airson “Fèis Cho-choitcheann na h-Eòrpa” a bhiodh a' dol sna h-aon àiteachan ri pròiseact Hiort.