Ro-innleachd Leasachaidh nan Ealan
Àrdachadh na h-ìomhaigh
’S e prìomh-amas a’ phrògraim:
Ìomhaigh nan ealan agus luchd-ealain Ghàidhlig a leasachadh, luchd-amhairc a mheudachadh agus taic don Ghàidhlig a leudachadh sna coimhearsnachdan.
Tha Prògram GASD air a dhealbh, leis an amas a bhith a’ leasachadh ìomhaigh nan ealan agus luchd-ealain Ghàidhlig, a’ meudachadh luchd-amhairc agus a’ leudachadh taic don Ghàidhlig sna coimhearsnachdan. Bidh Prògram GASD a’ toirt taic do leasachadh ro-innleachdail roinn nan ealan Gàidhlig gus am bi e nas comasaiche air a bhith a’ coileanadh:
- a dhleastanas cruthachail ann an neartachadh beatha na h-uile
- a dhleastanas ionnsachaidh ann am misneachadh cleachdadh a’ chànain
- a dhleastanas adhartachaidh ann an àrdachadh mothachaidh air cultar na Gàidhlig
- a dhleastanas eaconamach ann a bhith a’ toirt cosnadh do luchd-ealain agus buannachdan do choimhearsnachdan Gàidhlig.
Bidh buileachadh a’ Phrògraim a’ cuimseachadh air trì prìomh roinnean.
- Leasachadh Luchd-amhairc
- Leasachadh Sgilean
- Leasachadh Taisbeanaidh