Leasachadh Ro-innleachdail nan Ealan Gàidhlig
Fòram GASD
Bha fòram Leasachadh Ro-innleachdail nan Ealan Gàidhlig (GASD) air a chruthachadh ann an 2001 agus b’ e a chiad amas a bhith a’ deasbad mu ghnothaichean coitcheann, a’ soilleireachadh raointean co-aontachd agus a’ toirt guth coitcheann don roinn ealain Ghàidhlig.
Tha riochdairean ann am buidheann GASD bho-
Phròiseact nan Ealan
Fèisean nan Gàidheal
TOSG
Comhairle nan Leabhraichean
An Comunn Gàidhealach
Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig
Tha GASD air taic a thoirt do cho-chomhairlean Riaghaltas na h-Alba a thaobh Ro-innleachd Cultarach Nàiseanta agus do gach cuid Sgrùdadh a’ Bhuidhinn-gnìomha Ghàidhlig agus Buidheann Comhairleachaidh an Riaghaltais air Gàidhlig a lean gu stèidheachadh Bòrd na Gàidhlig (BnG). Aig deireadh 2002 bharrantaich GASD rannsachadh a chlàraich fàs roinn nan ealan Gàidhlig agus a bha ag obair còmhla ri Comhairle Ealain na h-Alba rè a’ mhodh co-chomhairleachaidh a thug buaidh air Poileasaidh SAC nan Ealan Gàidhlig, a bha foillsichte san t-Samhain 2003. Bha co-labhairt ann an Dùn Èideann aig an àm sin, aig an robh buidheann riochdachaidh airson nan ealan Gàidhlig san fharsaingeachd, agus dh’ùraich iad ùghdarras GASD gu bhith cumail a’ dol a’ cho-obrachaidh a bha iad a’ meas fìor èifeachdach.
Tha PNE sa phrìomh àite ann an lìbhrigeadh an dual leasachadh Luchd-amhairc de Phrògram GASD agus a’ toirt seirbheisean rianachd pròiseict don fhòram.