Ro-innleachd Leasachadh Luchd-Amhairc
Ann an 2005, thug GASD cùmhnant san robh trì ìrean do bhuidheann comhairleachaidh a tha stèidhichte ann an Dùn Èideann, RGA gus Ro-innleachd Leasachadh Luchd-amhairc ullachadh. B’ e pàipear sgrùdaidh a bh’ ann an Ìre h-Aon ‘s shònraich e prìomh chuspairean co-cheangailte ri leasachadh luchd-amhairc. B’ e ìre co-chomhairleachaidh a bha ann an Ìre Dhà far an robhar a’ dèanamh an tuilleadh beachdachaidh air na cuspairean seo. Tha Ìre Trì a’ lìbhrigeadh an Ro-innleachd Leasachadh Luchd-amhairc a thathar a’ moladh agus am plana gnìomh a tha stèidhichte air an fhiosrachadh a thàinig às a’ chiad dà ìre.