‘S e am Manaidsear Margaidheachd aig Cànan a tha ann an Raonaid Alcorn agus tha i a’ cluiche nan drumaichean còmhla ris a’ chòmhlan-ciùil Là Luain. Fhuair sinne greim oirre airson facal goirid mus do dh’fhalbh i air turas còmhla ri Là Luain.

A bheil thu smaoineachadh gu bheil àireamh luchd-èisteachd ceòl roc Ghàidhlig a’ dol suas?

Chan eil mi smaoineachadh gu bheil na daoine òg ann an Alba a’ ceangal Gàidhlig ri stoidhlean ùra ceòl – punk, indie, roc no fiùs seinneadair/sgrìobhadair. Tha Gàidhlig air fhaicinn mar seann chànan a tha ceangal a-steach gu math le seann thraidiseanan. Ach carson nach bu chòir do Ghàidhlig a bhith air a chleachdadh airson ceòl roc, ceòl pop agus a h-uile seòrsa ceòl? Tha e ag obair – tha e uabhasach math ann am punk roc. Chòrdadh e riumsa gu mòr nam biodh àireamh luchd-èisteachd ceòl roc Gàidhlig a’ dol suas seach gum biodh sin a’ ciallachadh gu bheil Gàidhlig a’ dol ann an dòigh ùr agus inntinneach. Bhiodh e cuideachd a’ ciallachadh ‘s dòcha gum faighinn pàigheadh airson a bhith a’ cluiche nan drumaichean!!

De cho cudromach ’s a tha thu smaoineachadh a tha cànan sna tha thu a’ dèanamh?

Tha Gàidhlig anns a h-uile rud a tha mise dèanamh. Tha mi ag obair tro mheadhan na Gàidhlig, a’ bruidhinn Gàidhlig ri mo charaidean. Tha Gàidhlig aig cridhe La Luain, cha bhi sinn aig àm sam bith a’ bruidhinn ann am Beurla, bithidh sinn a’ bruidhinn ann an Gàidhlig agus a’ seinn ann an Gàidhlig. Tha e uile mun Ghàidhlig!!!

An robh e doirbh dhut Gàidhlig ionnsachadh?

Tha ionnsachadh cànan doirbh seach gu bheil trioblaidean ann a thaobh misneachd, tha an t-eagal ort gun can thu rudeigin gòrach agus rud fhaighinn ceàrr agus bidh daoine fàs mì-fhoighidneach leo fhèin. Bha làmh-an-uachdair agamsa seach gun do dh’ionnsaich mi Gaeilge airson ochd bliadhna san sgoil. Ged nach robh cuimhne agam air mòran Gaeilge, tha mi eòlach air a’ chànan agus tha structaran ann an Gàidhlig agus Gaeilge a tha coltach ri chèile.

Cò no dè a tha gad bhrosnachadh?

Tha daoine a tha a’ dèanamh nas urrainn dhaibh lem beatha agus a tha toilichte leis an t-suidheachadh aca fhèin nam bhrosnachadh. ’S toil leum gu mòr a bhith a’ cur eòlas air daoine a tha dèanamh rudan seach gu bheil iad a’ còrdadh riutha agus gu bheil iad a’ faighinn toileachas às an obair, no às am beatha shòisealta gach latha. Tha e cracte cho trang ‘s a tha mi – an còmhnaidh a’ cur mo shròin a-steach ann am pròiseactan eadar-dhealaichte agus mar sin tha mi a’ coinneachadh dhaoine inntinneach agus tarraingeach, tha mi smaoineachadh gur e sin is motha a tha gam bhrosnachadh.

Tha thu gus tòiseachadh air turas uabhasach mòr – dè an t-àite as motha a tha thu a’ coimhead air adhart ri cluiche?

Dun Èideann – le cinnt, Dun Èideann. ‘S e a’ chiad gig againn agus mar sin tha mi iomagaineach mu dheidhinn, ach is ann an sin a dh’fhàg mi tòrr charaidean agus tha mi an dòchas gu bheil iad uile a’ tighinn.

Na do shùilean fhèin, dè an rud as inntinnich a tha dol air adhart ann an saoghal nan Ealain Ghàidhlig an-diugh?

Gu deimhinnte an turas seo!!

*Chan eil e cool ach tha e còrdadh rium…….. River City

*Is caomh leam a bhith a’ leughadh……….eachdraidh-beatha

*Nuair a bha mi òg bha mi ag iarraidh a bhith nam bheat. *Cha bhiodh fios agad ach…….. tha mi uabhasach peadantaic

*Clàr mo bheatha……… Belle and Sebastian – Dear Catastrophe Waitress

*An turas mu dheireadh a bha mi rànail………. Latha na Sàbaid a chaidh.