Leasachadh Luchd-amhairc
Leasachadh nan Ealan Gàidhlig
Leasachadh air Mothachadh agus Àrdachadh Ìomhaigh
Thug Fòram GASD am prìomh dhleastanas ann an Leasachadh Luchd-amhairc do Phròiseact nan Ealan. ’S e a’ phrìomh roinn seo aon den fheadhainn sa bheil mòran eòlais aig Pròiseact nan Ealan a’ togail air a chomas bunaiteach san raon dheatamach agus dhùbhlanach seo.
Ma tha na h-ealain gu bhith a’ fiosrachadh, a’ neartachadh agus a’ leasachadh gnè-beatha na h-uile, feumaidh iad faighinn chun an luchd-amhairc. Bidh saothair agus goireasan air an cur ri prògraman a bhios a’ cluich do thallachan falamh no leabhraichean nach leughar ach ainneamh a’ toirt beagan taic do leasachadh ealain ach chan eil iad gu mòran feum do leasachadh coimhearsnachd, seasmhachd cànain no buannachdan coimhearsnachd san fharsaingeachd. Mar as motha a’ mhargaid, ’s ann as motha na buannachdan eaconamach don luchd-ealain agus buidhnean agus ’s ann as motha a dh’fhàsas na buannachdan cultarach don t-sluagh san fharsaingeachd. Tha leasachadh luchd-amhairc a’ cur taic ri leasachadh seasmhach deagh ealain Ghàidhlig a mhaireas agus a bheir buaidh san àm ri teachd. Thathar a’ meas gur ann aige a tha an cudrom ro-innleachdail as motha ann a bhith a’ dèanamh na h-ealain Ghàidhlig nas in-ghabhalach agus a’ misneachadh barrachd dhaoine gu bhith an sàs sa chànan.
’S e amasan dual Leasachadh Luchd-amhairc de Phrògram GASD
Frithealadh agus com-pàirteachadh a mheudachadh tro rannsachadh agus pròiseactan a bhios:
- a’ leasachadh mothachadh agus so-ruigsinneachd nan ealan Gàidhlig
- a’ togail air na ceanglaichean eadar na h-ealain Gàidhlig agus cleachdadh a’
- a’ cur ri sgilean margaideachd nan daoine a tha a’ leasachadh, ag adhartachadh agus a’ lìbhrigeadh obair nan ealan Gàidhlig.