Co dha a tha i?

Tha an tachartas a' cuimseachadh air na h-uile a tha ag obair ann an roinn nan ealan Gàidhlig. Bidh a h-uile cruth ealain ann agus gheibh riochdairean bho coimhearsnachdan dùthchail is bailteach cothrom air a dhol an sàs ann an còmhradh is deasbad. Bu chòir dha luchd-ealain, eagraichean ealain, tuitearan is luchd-foghlaim, manaidsearan ionadan ealain, buidhnean coimhearsnachd agus na h-uile aig a bheil ùidh sna h-ealain Ghàidhlig an tachartas seo a fhrithealadh. Thathas a' brosnachadh luchd-poileasaidh is rianadairean maoineachaidh a bhith an làthair gus guth an luchd-ealain a chluinntinn.

Oileanaich is Daoine òga

Tha a’ cho-labhairt a’ cur fìor fhàilte air daoine òga. ‘S e deagh chothrom a tha seo a dhol timcheall is ceanglaichean a dhèanamh – ionnsachadh mu bhuidhnean is cothroman-obrach, coinneachadh ri fastaichean agus ri na buidhnean ealain Gàidhlig gu lèir, agus ionnsachadh tro bhùthan-obrach mu adhartas, na meadhanan, trèanadh, leasachadh luchd-amais agus tòrr mòr a bharrachd!
Tha sinn a’ tuigsinn gum faod oileanaich is daoine òga bhith a’ cur feum air cuideachadh le ionmhas agus mar sin cuir fios ma tha thu airson bruidhinn mu bhursaraidh fhaighinn.

Navigation