Dealbh Ealan

Bidh prìomh Cho-labhairt de na h-Ealain Ghàidhlig san Lanntair, Steòrnabhagh, air 8 is 9 Cèitean 2007. Tha a' cho-labhairt air a cur air chois le Pròiseact nan Ealan (PnE) còmhla ri Fòram GASD, (Leasachadh Ro-innleachdail nan Ealan Gàidhlig) - co-obrachadh de bhuidhnean ealain bun-mhaoinichte Gàidhlig a tha ag obair còmhla airson ealain Ghàidhlig san àm ri teachd a leasachadh ann an dòigh ro-innleachdail.
'S i a' cho-labhairt a' chiad tè de seòrsa ann an deich bliadhna agus tha i a' tighinn aig àm nuair a tha ealain Ghàidhlig is an cànan fhèin aig crois-rathaid. Le Plana Nàiseanta Cànan na Gàidhlig, tighinn Alba Chruthachail agus Achd a' Chultair air fàire, gun iomradh a thoirt air an t-seanal ùr didseatach TBh Gàidhlig a tha mun oisean, feumaidh ealain na Gàidhlig gluasad air adhart gu ro-innleachdail.
Bheir a' cho-labhairt cothrom sònraichte dha luchd-ealain na Gàidhlig, rianadairean agus adhartaichean a thighinn còmhla a bhruidhinn, a dh'èisteachd is a chumail eadar-cheanglaichean. Bidh raon de dh'òraidichean brosnachail is togarrach à Alba agus bhon taobh a-muigh aig an tachartas a thuilleadh air caochladh bhuidhnean sgaraichte a' deasbaid chuspairean ghnàthaichte mar a leanas:** maoineachadh, leasachadh luchd-amais, trèanadh is adhartachadh agus dòigh-obrachaidh is dleastanas nam meadhanan ùra.** Bidh cothrom ann cuideachd frèam cultarach Gàidhlig, a dh'obraicheas le Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus Alba Chruthachail, a chur air dòigh.
BILEAG EARLAIS ! or contact Marisa on 01851 704493 or contact Iona on 01478613355.