Bun-fhiosrachadh - Geàrr-eachdraidh

Leasachadh nan Ealan Gàidhlig

Ann am meadhan nan 1980an bha dòigh nas eadar-mheasgte air a ghabhail airson leasachadh eaconamach, sòisealta agus cultarach, mar a bha àite air a thoirt do roinnean eadar-dhealaichte aig ìre nàiseanta, mar phàirtean cudromach de bheatha agus cultar na h-Alba. Bha buidhnean ùra, leithid Comunn na Gàidhlig, air an cruthachadh gus taic a thoirt don sgaoileadh a-mach seo. Taobh a-staigh roinn nan ealan, lean an obair a bharrantaich Comhairle Ealain na h-Alba (SAC) ann an 1986, Gaelic Arts: A Way Ahead, gu aithne ùr air cudrom nan ealan Gàidhlig bho shealladh nàiseanta agus bha Pròiseact nan Ealan (PNE) air a stèidheachadh bliadhna an dèidh sin. A-mach às an aithne seo thàinig misneachd agus leasachadh, le daoine fa leth agus buidhnean a’ toirt taic do leasachadh cruthachail tro na roinnean ealain gu lèir. Tha mòran de na buidhnean taice sin air fàs agus air leasachadh ach tha an seasmhachd air a bhith ann an cunnart iomadh uair le mòran dhiubh an crochadh air maoineachadh bho bhliadhna gu bliadhna bho dhiofar bhuidhnean no urrasan agus tha mòran den neart air a chur ri dòighean air cumail a’ dol.

Ann an 2001, bha Buidheann Leasachaidh Ro-innleachdail nan Ealan Gàidhlig (GASD) air a stèidheachadh gus cùisean nan ealan Gàidhlig a dheasbad agus freagairt a thoirt don chiad Sgrùdadh Buidheann-gnìomha Gàidhlig le Riaghaltas na h-Alba agus do dheasbad leantainneach an Ro-innleachd Cultarach Nàiseanta. Tha buidheann GASD air a dhèanamh suas de riochdairean bho Phròiseact nan Ealan (PNE), Fèisean nan Gàidheal, TOSG, Comhairle nan Leabhraichean, An Comunn Gàidhealach agus Seirbheis nam Meadhanan Gàidhlig (roimhe Comataidh Craolaidh Gàidhlig), leis a’ bhuidheann mu dheireadh air aon de na buidhnean maoineachaidh as cudromaiche ann an obair nan ealan Gàidhlig, bhon thòisich iad ann an 1992.

Chrìochnaich a’ chiad ùine co-chomhairleachaidh seo ann an aithisg Buidheann Comhairleachaidh an Riaghaltais airson Gàidhlig (MAGOG) sa Chèitean 2002, a lean gu stèidheachadh Bòrd na Gàidhlig tràth ann an 2003. Dh’obraich GASD gu dlùth cuideachd le Comhairle Ealain na h-Alba (SAC) rè a’ mhodh co-chomhairleachaidh a chuidich a’ dealbh Poileasaidh SAC nan Ealan Gàidhlig, a bha air fhoillseachadh san t-Samhain 2003. Thàinig GASD gu bhith na shàr eisimpleir de fhìor cho-obrachadh, a’ toirt guth coitcheann don choimhearsnachd ealain Ghàidhlig. Tha e a’ toirt na prìomh bhuidhnean co-cheangailte ris na h-ealain Ghàidhlig còmhla ann am buidheann fiùghantach gun biùrocrasaidh neo-riatanach na chois. Mar sin tha e a’ toirt seachad beachd ro-innleachdail coitcheann a bharrachd air molaidhean sònraichte nam ball aige.

Thug an co-obrachadh èifeachdach seo de bhuidhnean an sàs ann an raointean eadar-dhealaichte de na h-ealain Ghàidhlig barrachd air freagairtean co-òrdanaichte do dhiofar co-chomhairle poblach. Tha e air comas a thoirt don roinn obair a dhèanamh taobh a-staigh a’ bhuidhinn agus còmhla ri daoine eile agus a bhith a’ comharrachadh prìomh-amasan agus cothroman do na h-ealain Ghàidhlig agus beàrnan anns a’ bhunstructar agus an taic a tha ann – ’s e sin gu bheil e a’ toirt a’ bheachd fharsaing ro-innleachdail a bhiodh air a shùileachadh bhon ainm aige. Gus an dòigh ro-innleachdail seo a stiùireadh, bha rannsachadh air a dhèanamh san Fhaoilleach 2003 airson na chaidh a thasgadh sna h-ealain Ghàidhlig bho 1986 a chlàradh.

San t-Samhain 2003 mar chomharra air luach a’ cho-obrachaidh èifeachdaich seo, dh’aontaich buidheann a’ riochdachadh san fharsaingeachd nam buidhnean a tha an sàs sna h-ealain Ghàidhlig, gum bu chòir aonta a chur ri na tha GASD air a choileanadh gu ruige seo agus ùghdarras a toirt do GASD cumail a’ dol leis an obair chudromach seo.

English