A’ brosnachadh na h-Ealain Ghàidhlig

Thèid sruth de phròiseactan ùra a leasachaidheas ìomhaigh nan ealan agus luchd-ealain, a bhrosnachadh tro chom-phàirteachas ùr-ghnàthach eadar Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Ealan is am Buidheann Leasachaidh Ro-innleachdail nan Ealan Gàidhlig (GASD).

Bidh am Prògram GASD a’ cur £400,000 ri pròiseactan ùra thar an dà bhliadhna a tha romhainn. Bheir seo cothrom ùr do bhuidhnean is daoine a tha ag obair sna h-Ealain Ghàidhlig is bidh buileachadh a’ Phrògraim a’ chuimseachadh air trì prìomh roinnean; is iad Leasachadh Luchd-amhairc, Leasachadh Sgilean agus Leasachadh Taisbeanaidh.

Thèid am prògram a cho-òrdanachadh le Pròiseact nan Ealan as leth Foram GASD. Thuirt Calum MacGilleathain, Stiùriche Pròiseact nan Ealan: “ ‘S e seo a’ chiad bhuannachd bhon Phoileasaidh Ghàidhlig ùr aig Comhairle nan Ealan. Tha na h-Ealain Ghàidhlig air leasachadh gu mòr anns na bliadhnaichean a chaidh seachad is tha àite shònraichte aca ann an saoghal nan ealan is cultar an Alba. Bidh taic, co-obrachadh is brosnachadh a dhìth air na h-Ealain Ghàidhlig leis a’ chothrom ùr seo. Bidh am Prògram a’ toirt cothrom dhuinn obrachadh còmhla gus rudan ùra fheuchainn agus cothroman ùra a chruthachadh do luchd-ealan, bhuidhnean is choimhearsnachdan.”

Thathar a’ sùileachadh gun cuidich a’ Phrògram GASD luchd-amhairc a mheudachadh agus gum bi e a’ leudachadh taic don Ghàidhlig anns a’ choimhearsnachdan. Thuirt Jim Tough, Stiùiriche nan Ealan aig Comhairle nan Ealan: ”Tha Comhairle nan Ealan air leth toilichte leis an iomairt seo, a chaidh a thogail tro cho-obrachadh is chom-pàirteachais le na buidhnean a tha mar-thà ag obair sna h-Ealain Ghàidhlig ann an iomadh diofar roinnean. Tha am Prògram seo mar bhunait air amasan a’ Phoileasaidh Ealain Ghàidhlig againn is tha e na dhearbhadh gu bheil cànan is na h-ealain aig cridhe cultar is aithne ann an Alba.“

Thuirt Ailean Caimbeul, Ceannard Bòrd na Gàidhlig: “Tha e uabhasach cudromach do bheatha na Gàidhlig gum bi na h-Ealain Ghàidhlig air am brosnachadh is air an cuideachadh tro phrògraman mar seo. Bidh am Prògram GASD a’ togail ìomhaigh cànan is cultar na Gàidhlig agus a’ toirt buannachdan eaconomach is cultarach don choimhearsnachd Ghàidhlig aig an aon àm. Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte a bhith ag obair le Comhairle nan Ealan ann a bhith a’ brosnachadh is a’ cuideachadh na roinn cudromaiche seo.”

Tha cothrom a’ nochdadh an-dràsta iarrtas a chur a-staigh tron phrògram GASD is gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Phròiseact nan Ealan air 01851 704493 no air an làraich www.gaelic-arts.com

Notes to editors Tuilleadh fiosrachaidh bho:

  • Ailean Caimbeul,
  • Ceannard Bhòrd na Gàidhlig
  • Fòn: 01463 225454
  • Fòn-làimhe: 07778 476642

Post-d: Bòrd na Gàidhlig

Calum MacIlleEain, Stiùiriche, Pròiseact nan Ealan, 10 Iomair Sligeach, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais HS1 2BS Fòn: 01851 704493 Fòn-làimhe: 07775 698386 Facs: 01851 704734

Issued by: Pròiseact nan Ealan